CÚINNE NA nEALAÍON
Nòs Ùr
Brian Ó hEadhra Brian Ó hEadhra

Is mór ag BEO an tsnaidhm le Gaeilge na hAlban a neartú agus ár léitheoirí a spreagadh – a bhrosnachadh – ina leith. Tugann Brian Ó hEadhra cuntas i nGaeilge na hAlban dúinn san alt seo ar an chomórtas Nòs Ùr, comórtas, nó co-fharpas, a reachtálfar arís in Albain i mbliana.

Íomhá
Aig Nós Úr
Íomhá
Paula Keogh na Gaeilge
Íomhá
Yr Annioddefol ar rhan y Gymraeg
Íomhá
As déidh an cho-fharpais

Thèid an dàrna Farpais Òran ann an Cànanan Ceilteach agus Albais a chumail ann an Inbhir Nis air 20 Òg-mhìos 2009, aon de ghrunn fharpaisean criochnachaidh roinneil a ghabhas àite air feadh na Roinn Eòrpa. ‘S e Nòs Ùr an t-ainm a th’ air an fharpais agus tha cuireadh a’ dol a-mach gu luchd-ciùil le na cànanan a leanas: Gàidhlig na h-Alba, Albais, Albais Ulaidh, Gàidhlig na h-Èireann, Gàidhlig Mhanainneach, Cuimreach, Còrnach agus Breton.

Buannaichidhbhuidheann an fharpais agus thèid iad le chèile air adhart chun an fharpais Eòrpaich ‘Liet International’ a thèid a chumail ann an Leeuwarden, Freaslan, An Òlaind san Dàmhair 2009. Thèid aon bhuidheann a thaghadh air an oidhche le bhòt poblach, a’ cleachdadh bhòt eadar-lìon agus bhòt pàipeir anns an talla. Thèid a’ bhuidheann eile a thaghadh le diùiridh, le buill a’ riochdachadh nan diofar chànanan a tha an-lùib an fharpais.

Chan eil farpais eile leithid seo ri fhaighinn san Roinn Eòrpa. Chan eil cruth an fharpais eu-coltach ri Farpais Òran Eurovision, le seinneadairean agus còmhlain a’ riochdachadh dùthaich no, anns an t-suicheachadh seo, a’ riochdachadh mion-chànan.

Thèid an tachartas a chlàradh airson telebhisean agus rèidio agus theid a chraobh-sgaoileadh beò air an eadar-lìon.

Cumaidh Institiùd OGE na Mìle Bliadhna co-labhairt acadaimigeach air mion-chànanan ann an Eden Court air 20 Òg-mhìos airson ceangal a-steach ri Nòs Ùr.

Bidh cuideachd cuirm òigridh ann an Eden Court air oidhche h-Aoine, 19 Òg-mhìos, far am faicear air an àrd-ùrlar cuid de na còmhlain dheugairean as fhèarr a’ seinn ann an diofar chànanan Ceilteach agus Albais. Bidh bùithtean-obrach air gnìomhachas a’ chiùil ann do chòmhlain air madainn Disathairne, 20 Òg-mhìos. Fàilte oirbh uile.

Tha e an urra ris an neach-eagrachaidh, Brian Ó h-Eadhra, fear-ciùil agus co-chomhairliche ealain a tha stèidhte ann an Inbhir Nis, a’ phròiseact a stiùireadh às leth goEvents. Tha goEvents an sàs ann a bhith a’ togail inbhe agus a’ leasachadh gnìomhachasan cruthachail air feadh na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean. Bidh Institiùd OGE na Mìle Bliadhna na buidheann-compàirt agus cumaidh i co-labhairt acadaimigeach air an aon latha ris an fharpais.

Tha grunn bhuidhnean a’ cur taic agus a’ toirt urrasachd do Nòs Ùr. Nam measg, tha: Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean, Comhairle na Gàidhealtachd, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle Ealain na h-Alba. An tuilleadh ri thighinn...

Cuimsean agus Amasan:

  • Sgrìobhadh ùr àrachadh am measg luchd-cìuil aig diofar aoisean anns na cànanan Ceilteach agus Albais- Ceangalaichean agus còmhradh a leasachadh eadar luchd-ciùil agus gnìomhachasan cruthachail air taobh siar na Roinn Eòrpa- Turasachd cultarach a bhrosnachadh agus a neartachadh far an tèid an fharpais a chumail- Cleachdadh mion-chananan dhùthchasach a chur air adhart agus a bhrosnachadh- Iomhaigh agus fèin-luach luchd-bruidhinn nam mion-chànanan a neartachadh- Cothroman agus leasachaidhean eaconomach a sholarachadh do luchd-ciùil agus grìomhachasan cruthachail- An sgìre a chur fo shealladh a’ mhòr-shluaigh tro na meadhanan agus ùidh bhon roinn phoblach/phrìobhaidch- Co-obrachadh agus eadar-obrachadh a leasachadh eadar na h-ionadan acadaimigeach agus na coimhearsnachdan le mion-chànananEòlas agus sgilean a’ neartachadh ann a bhith a’ cur air dòigh tachartasan ionadail agus eadar-nàiseanta anns na roinnean poblach agus prìobhaideach

Riaghailtean agus Ceistean Bitheanta

Dè a th’ ann?’S e a’ chiad Farpais Òran ann an Cànanan Ceilteach agus Albais a th’ ann an Nòs Ùr. ‘S e farpais criochnachaidh roinneil a th’ ann airson farpais òran do mhion-chànanan na h-Eòrpa, Liet International, a tha ga chumail ann an Leeuwarden, Freaslan, An Òlaind san Dàmhair 2009. ‘S e goEvents a tha a’ stiùireadh Nòs Ùr. Tha goEvents an sàs ann a bhith a’ togail inbhe agus a’ leasachadh gnìomhachasan cruthachail air feadh na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean. Tha e cuideachd ag àrachadh ceanglaichean agus cothroman, aig ìre eadar-nàiseanta, dhaibhsan a tha an sàs anns na gnìomhachasan cruthachail air feadh na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean.

Càit’ am bheil e?Bidh e a’ tachart ann an Taigh-cluiche Eden Court, Inbhir Nis, Alba.

Cuin a tha e ann?Tha e gu bhith a’ gabhail àite air feasgar Disathairne, 20 Òg-mhìos 2009. Bidh farpaisich a’ ruighinn air Dihaoine 19 Òg-mhìos agus a’ tilleadh dhachaigh air Latha na Sàbaid 21 Òg-mhìos.

Cò dh’fhaodadh a bhith san fharpais?Faodaidh neach sam bith a tha co-dhiù ochd bliadhna deug cur a-steach airson an fharpais cho fad ‘s a sheinneas iad ann an cànanan Ceilteach na Albais (no dualchainnt faisg). Na cànanan: Albais, Gàidhlig na h-Alba, Albais Ulaidh, Gàidhlig na h-Èireann, Gàidhlig Mhanainneach, Cuimreach, Còrnach agus Breton. Chan fhaod barrachd air còignear a bhith anns gach còmhlan. Thèid 11 buidheann a thaghadh airson pàirt a ghabhail ann an Nòs Ùr. Thèid fiosrachadh mun seo a sgaoileadh aig toiseach a’ Ghiblein.

Ciamar a cuireas mi a-steach iarrtas?Lìon foirm-iarrtais (gu h-ìosal) agus cuir thugainn e le briathran an òrain (le eadar-theangachadh dhan Bheurla no am Frangais) agus clàradh dhed òran air CD no mp3. Thèid gabhail ri iarrtasan eadar 1 Dùbhlachd 2008 agus 29 Gearran 2009. Thèid fiosrachadh mun fheadhainn a fhuair dhan fharpais crìochnachaidh a sgaoileadh aig toiseach a’ Ghiblein. Chan fhaod farpaisich ach aon òran a chur air adhart. Cha chosg e sgillinn cur a-steach airson an fharpais.

Dè an stoidhle òran ris an tèid gabhail?Gabhaidh sinn ri stoidhle sam bith – roc, pop, dùthchasach, etc. Cha bu chòir an t-òran a bhith nas fhaide na trì mionaidean gu leth. Feumaidh an t-òran a bhith ùr, tùsail agus, ma ghabhas, neo-aithnichte am measg a’ phobail.

Cò bhios a’ bhritheamhachd?Bidh seachdnar bhritheamh aig an fharpais. Riochdaichidh gach neach mion-chànan air choireigin, bidh iad neo-eisimeileach, agus bidh ceangal agus eòlas aca ann an ceòl agus/no mion-chànanan.

Dè an duais a th’ ann?Buannaichidh dà bhuidheann an fharpais agus thèid iad le chèile air adhart chun fharpais Eòrpach ‘Liet International’ ann an Leeuwarden, Freaslan, An Òlaind san Dàmhair 2009. Taghaidh na britheamhan aon òran airson an diùiridh. Gheibh luchd-èisteachd cuideachd an cothrom bhòtadh air an oidhche fhèin, air an eadar-lìon agus tro bhòt-pàipeir san talla. Tha feadhainn a’ bhuannaich an fharpais roimhe air an t-uamhas aire fhaighinn sa ghnìomhachas agus sna meadhanan.

Ciamar a thèid aig neach air pàigheadh airson siubhal agus àite-fuirich?Cuiridh goEvents siubhal air dòigh do bhuidheann sam bith a tha a’ tighinn bho thaobh-muigh na Gàidhealtachd. Pàighidh iad airson siubhal cuideachd (suas gu £500). Gabhaidh goEvents os làimh àite-fuirich a chur air dòigh do luchd-ciùil ann an taighean-òsta ionadail. Gheibh gach neach-ciùil beagan airgid gach latha a phàigheas airson greim-bidh.

RSS FREAGRAÍ NA LÉITHEOIRÍ  

© Oideas Gael, 2010. Cosc ar chóipeáil. Ní gá go mbeadh na tuairimí a nochtar i mBeo! ar aon dul le tuairimí na bhfoilsitheoirí. Suíomh cóirithe ag MBM. Úsáidtear grafaicí de chuid Fam Fam Fam agus Wikimedia Commons ar an láithreán seo.